Dàrna duine fo chasaid an co-cheangal ri teine Fairways

Fairways
  • Air fhoillseachadh

Chaidh an dàrna duine a chur an grèim is fo chasaid ann an co-cheangal ri teine aig ionad-gnothachais Fairways ann an Inbhir Nis.

Tha dùil ri fireannach aois 38 ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diardaoin.

Chaidh grunn ghnothachasan a sgrios anns an teine aig Fairways, a thòisich goirid ro mheadhan-oidhche Disathairne an 8mh den Mhàrt.

Nochd fireannach aois 24 sa chùirt Diluain co-cheangailte ris a' chùis.

Thuirt an DI Caroline NicAoidh bho Phoileas Alba: "Tha mi 'son taing a thoirt dhan choimhearsnachd ionadail airson taic a chumail rinn tron rannsachadh seo."