Taighean ùra Ghleann Eilg: "Tha e dìreach sònraichte"

Tha Chloe NicPhàrlain a' cur fàilte mhòir air an taigh ùr aice
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Gleann Eilg air a bhith a' dèanamh gàirdeachais is ceithir taighean ùra a-nise rim faighinn san sgìre.
Bha cruinneachadh ann air an deireadh-sheachdain is teaghlaichean a' gluasad a-steach dha na taighean ùra aig Cùirt an Daraich.
'S e Comann Taigheadais an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse a bha os cionn an leasachaidh le taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd is le taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba.
'S e seo a' chiad turas ann an còrr is 20 bliadhna a chaidh taighean ùra aig prìs reusanta a thogail san sgìre is muinntir an àite ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum orra.
Nam measg tha Chloe NicPhàrlain, a fhuair fear de na taighean.
"Tha e dìreach sònraichte," thuirt Chloe, a tha an-dràsta an dùil ri leanabh.
"Tha sinne air a bhith a' feuchainn ri àite fhaighinn 'son ùine a-nise, bha sinn a' coimhead air taighean air màl is bha sinn air liosta feitheimh.
"A-nise le bèibidh air an t-slighe tha sinn cho fortanach an taigh seo fhaighinn."

'S ann à Àrnasdal faisg air làimh a tha Màrtainn Robasdan.
Tha Màrtainn an-dràsta na oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig ach bu mhiann leis tilleadh dhachaigh air a' cheann thall.
Tha e ag ràdh gu bheil feum a-nise air barrachd thaighean ùra dha òigridh an àite.
"'S e an ginealach agamsa gu h-àraid a tha feumach air taighean ùra," thuirt Màrtainn.
"Bu toil leam a bhith a' fuireach san sgìre ach tha an suidheachadh car duilich ann an Àrnasdal: tha mi a' creidsinn a-nise gu bheil a' mhòr-chuid de na taighean ann an Àrnasdal nan taighean-samhraidh.
"Tha e dìreach uabhasach math taighean ùra mar seo fhaicinn ann an Gleann Eilg ach tha barrachd a dhìth is barrachd ri dhèanamh," thuirt e.

Ceit Fhoirbeis is cuid de dh'òigridh an àite aig fosgladh nan taighean ùra
Thug Comann Taigheadais an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse taing dhan a h-uile duine a dh'obraich còmhla riutha gus na taighean ùra a thoirt gu buil.
Bha moladh aca gu sònraichte do mhuinntir Ghleann Eilig fhèin is an Comann ag ràdh nach biodh an leasachadh air tachairt mura b' e oidhirp na coimhearsnachd.
Tha an Comann mothachail gu bheil iarrtas ann airson tuilleadh dhachaighean is tha iad a' gealltainn co-obrachaidh.
"Tha mi an dòchas ma bhios an talamh deiseil gum bi sinn a' dol air adhart le feadhainn eile," thuirt Audrey Nic na Ceàrdaich, a tha air bòrd a' Chomainn Taigheadais.
"Tha na coimhearsnaich ag iarraidh barrachd thaighean is tha agus an Comann agus tha sinn a' bruidhinn ri chèile," thuirt i.

Bha BPA na sgìre Ceit Fhoirbeis cuideachd an làthair aig an fhosgladh.
Ghabh an Leas-Phrìomh Mhinistear ris gu bheil feum air barrachd thaighean is tha i ag ràdh gum bi taic ann.
"Tha tòrr a bharrachd ri dhèanamh.
"Tha fhathast duilgheadasan ann ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil an Riaghaltas uabhasach taiceil ri taigheadas.
"'S e dìreach rudan mar fearann agus rudan eile a' tighinn ri chèile agus na taighean a chur suas."