Moladh airson £54m a chosg air sgoiltean Gàidhealach
- Air fhoillseachadh

Tha Bun-sgoil Dhùn Bheagain am measg nan sgoiltean a thathar airson a leasachadh
Thèid iarraidh air comhairlichean Gàidhealach an taic a chur ri plana obair-leasachaidh luach £54 a dhèanamh air còig sgoiltean san sgìre.
Bhiodh an t-airgead air a chosg air Acadamaidh Chùil Lodair, far a bheil cus sgoilearan a rèir meud an togalaich, a leudachadh.
Rachadh Bun-sgoil na Pàirce ann an Inbhir Ghòrdain air an do rinn dà theine milleadh mòr ath-thogail, agus obair ùrachaidh a dhèanamh air Sgoil Naomh Chliamainn ann an Inbhir Pheofharain do chloinn le feumalachdan sònraichte.
Bhiodh obair cuideachd air a dèanamh air làraichean nam bun-sgoiltean anns a' Mhanachainn agus Dùn Bheagan agus beachd ann gum feumar sgoiltean gu tur ùr a thogail.
Thuirt cathraiche comataidh an fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd, Iain Fionnlasdan: "Tha e uabhasach math gu bheil an t-airgead seo air a' bhòrd.
"Feumaidh sinn a bhith ag obair air na sgoiltean sin agus tha mi cinnteach gum bi a h-uile duine gu math toilichte."
Cruaidh fheum air leasachadh
Bidh an Sultain ann mus bi na planaichean mionaideach agus cosgaisean na h-obrach deiseil ach beachdachaidh comhairlichean an ath-sheachdain air na thathar a' moladh.
Tha an aithisg a' cur an cèill cuideachd gu bheil cruaidh fheum air airgead mòr a chosg air sgoiltean eile na sgìre.
Am measg nam prìomhachasan sin 's e àrd-sgoil ùr do thaobh sear Inbhir Nis ro dheireadh 2028/29 air neo leasachadh mòr air na sgoiltean a tha ann an-dràsta.
Agus thèid sgrùdadh a dhèanamh mu bhith a' leudachadh foghlaim tro mheadan na Gàidhlig ann am prìomh-bhaile na Gàidhealtachd agus an e sgoil ùr a tha dhìth do chloinn eadar trì agus ochd bliadhna deug de dh'aois.

Nithear sgrùdadh air cothroman oideachaidh sa Ghàidhlig a leudachadh an Inbhir Nis, agus an e sgoil mhòr ùr a tha a dhìth
Sgoil Ghàidhlig ùr?
Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd £4m bho Riaghaltas na h-Alba airson leithid de phròiseact ach tha an Comhairliche Ailig Greumach air gabhail ris gu bheil sgoil Ghàidhlig ùr do dh'Inbhir Nis pìos às.
"Tha mi a' smaoineachadh gum feum iad coimead air dè tha seo a' dol a chosg. Tha mi a' smaoineachadh gum bi a' Chomhairle a' coimhead air taic bho Riaghaltas na h-Alba air a shon cuideachd.
"Tha togail sgoiltean ùra air an sgaradh. Tha feadhainn dhiubh, 's e airgead a th' air tighinn gu dìreach bhon riaghaltas; feadhainn eile, tha iad a' dol tro phròiseas na comhairle fhèin.
"Tha e duilich a ràdh an-dràsta dè an t-slighe a dheigheadh sinn ach tha mi a' creidsinn gu bheil a' chomhairle an còmhnaidh ag iarraidh air cuideigin eile pàigheadh ma 's urrainn dhaibh," thuirt an Comhairliche Greumach.