Oidhirp gus Cultarlann Inbhir Nis a stèidheachadh
- Air fhoillseachadh

Luchd-iomairt ann an Inbhir Nis Disathairne.
Tha oidhirpean a' leantainn gus ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Inbhir Nis.
'S e Cultarlann a bhiodh aca air.
'S e àite a bhiodh ann far an deadh an cànan agus an cultar a bhrosnachadh, agus far an gabhadh coimhearsnachd Ghàidhlig a' bhaile a thoirt còmhla.
Chruinnich cuid de Ghàidheil sa bhaile Disathairne gus aire dhaoine a tharraing chun na h-iomairt.
Aig an ìre seo tha iad a' feuchainn ri togalach a lorg a bhiodh freagarrach air a shon.
"Tha mi a' smaoineachadh an-dràsta 's dòcha gu bheil còir againn àite beag a lorg agus tòiseachaidh sinn beag air bheag." thuirt Oifigear Leasachaidh a' Chultarlainn Susanne NicDhòmhnaill.
"Tha sinn cuideachd an dùil iomairt crowd-funder a chur air dòigh."
"'S e na Gàidheil, luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus duine sam bith aig a bheil ùidh anns a' Ghàidhlig, àite far am b'urrainn dhaibh uile a thighinn còmhla.
Eisimpleir na h-Èireann
'S e facal Èireannach a th'ann an cultarlann agus 's ann an sin a thòisich iomairt airson cultarlann a stèidheachadh anns na 1970an.
Tha fear gu math soirbheachail air Bóthar na bhFál air taobh siar Bheal Feairste, Cultúrlann McAdam Ó Fiaich, a tha a' gabhail a-steach cafe, bùth-leabhraichean agus seòmraichean airson clasaichean agus coinneamhan a chumail.
Dh'fhosgail cultarlann eile an-uiridh - Aonach Mhacha, ann an Àrd Mhacha, às dèidh dhaibh taic-airgid luach còrr is £1m fhaighinn bho Riaghaltas Èirinn a Tuath.

Chan e iomairt ùr a tha seo ann an Inbhir Nis ge-tà is grunn bhliadhnaichean ann bho chaidh bruidhinn air an leithid an toiseach.
Ann an 2018 chaidh sgrùdadh iomchaidheachd a dhèanamh le Urras Dualchais na h-Alba agus iad a' feuchainn ri Talla Cuimhneachaidh an Dotair MhicIlleDhuibh a cheannach.
Cha deach leotha.
Ach às dèidh bliadhna gu leth gun dad sam bith a bhith a' tachairt ri linn Covid, tha a' bhuidheann misneachail.
Tha iad an dùil sreath de thachartasan a chumail sna mìosan a tha romhainn cuideachd.