Fireannach air a dhìteadh às dèidh tubaist an Gleann Comhann

- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach às an Spàinn a dhìteadh gun do dh'adhbharaich e bàs le dràibheadh gun chùram às dèidh tubaist ann an Gleann Comhann bho chionn dà bhliadhna.
Fhuaireadh Enrique Maffiote à Tenerife ciontach ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis gur e a dh'adhbharaich an tubaist air an 23mh den Iuchar 2023.
Bha Mgr Maffiote a' tionndadh a-steach gu pàirce chàraichean aig Buachaille Èite Bheag nuair a bhuail an càr Mazda aige ann am motar-baidhg BMW air an robh Ross Dominick, 35, à Baile Iain, a' siubhal.
Bhàsaich Mgr Dominick aig làrach na tubaist.
Chaidh càin £1,875 is casg dràibhidh bliadhna air Maffiote.