Bunait Linda Norgrove an dòchas cumail a' dol

  • Air fhoillseachadh
Linda NorgroveTùs an deilbh, The Linda Norgrove Foundation
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Linda Norgrove a mharbhadh an Afganastan san Damhair 2010.

Thuirt carthannas stèidhichte sna h-Eileanan an Iar agus a chaidh a chur air dòigh airson taic a thoirt do bhoireannaich agus chloinn ann an Afganastan gu bheil iad an dòchas leantainn orra leis an obair aca san dùthaich.

Chaidh Bunait Linda Norgrove a stèidheachadh mar chuimhneachan air an neach-obrach cobhair Albannach a chaidh a mharbhadh san dùthaich ann an 2010.

Tha a' bhunait, a tha stèidhiche ann an Leòdhas, a' toirt thabhartasan airson foghlaim, slàinte agus cùraim chloinne do bhoireannaich agus chloinn ann an Afganastan.

Ann am brath sgrìobhte thuirt màthair Linda Norgrove, Lorna, gun robh an t-atharrachadh san dùthaich sna làithean mu dheireadh air a bhith na bhriseadh-dùil mòr dhaibh.

Thuirt iad gun robh iad an dòchas leantainn orra le an cuid obrach san dùthaich agus teachdaireachdan gu math measgaichte a' tighinn bhon Taliban - gu sònraichte mu bhoireannaich a bhith a' faighinn foghlaim.

Tha iad ag ràdh gu bheil dùbhlan mòr ron charthannas - ach nach eil sin càil coltach ris an dùbhlan ro bhoireannaich ann an Afganastan.