Bonnie agus Clyde aig an taigh am meadhan Ghlaschu

Seabhagan-gorma
  • Air fhoillseachadh

'S dòcha gum bithear den bheachd gur e àite gu math neònach a tha ann am meadhan baile mhòir airson nan eun às luaithe san t-saoghal a bhith a' neadachadh.

Ach airson trì bliadhna a-nise, tha tùr Gilbert Scott aig Oilthigh Ghlaschu air a bhith na dhachaigh do dhithis ris nach biodh dùil - seabhagan-gorma!

Tha togalaichean mòra leithid an tùir coltach ris na stacan àirde anns am biodh na h-eòin seo gu h-àbhaisteach ag iarraidh a bhith stèidhhichte.

Thuirt John Simpson bho phròiseact Peregrine Ghlaschu, a tha air a bhith a' cumail sùil gheur orra bhon a thàinig iad a dh'fhuireach an seo, gur e àite air leth a th' ann dhaibh.

"'S e làrach uabhasach fhèin freagarrach a tha seo," thuirt e.

"Chan eil e furasta faighinn thuige, tha e a' coimhead chun an ear-thuath, tha e fo sgàile na grèine. Àite air leth air taobh siar a' bhaile.

Tha Bonnie agus Clyde - mar a thathar a' gabhail orra - air mòran luchd-turais a thàladh chun na làraich.

Am-bliadhna ged a tha dà isean beag air a bhith aca - air an tugar Jack agus Victor - chaill iad Jack an t-seachdain seo le flù nan eun.

Tha Victor ge-tà, a-niste ceithir seachdainnean a dh'aois agus tha e iomchaidh mun aois sin taga a chur air - mus dèan e às an nead.

Seabhagan-gorma

Gheibhear air fiosrachadh a chumail mu dheidhinn iseanan tro na tagaichean seo thar nam bliadhnaichean.

Dh'fheumar sgioba shònraichte 'son sreap sìos air ròpannan chun an nid.

Chaidh an uairsin an toirt chun nan eòlaichean bhon phròiseact airson na tagaichean eadar-dhealaichte a chur air.

Thuirt John: "Tha dà fhàinne ga chur orra. Gheibh sinn an t-uabhas fiosrachaidh bhon seo. Chì sinn càite bheil iad a' dol. Càite am bi iad ag ithe.

"Tha suab DNA cuideachd ga ghabhail bhuapa, gun fhios nach bi feum air sin san àm ri teachd agus sin gan ceangal ris an àite seo."

Tha fios nach bi e fada gus an teich Victor às an nead agus e a' fàs gu luath.

'S e an ath chlach-mhìle dha a bhith a' sgèith.

Agus tha dòchas ann, sna seachdainnean ri thighinn, gun tòisich e beatha ùr neo-eisimeileach, gu h-àrd anns na speuran os cionn baile Ghlaschu.

Chì sibh an aithris shlàn aig Anne air Landward air BBC Scotland oidhche Ardaoin aig 8:30f agus air iPlayer a' BhBC.