Tilley a'tionndadh a-rithist an Tiriodh
- Air fhoillseachadh

Tha muillinn-gaoithe coimhearsnachd Thiriodh a' tionndadh aon uair eile às dèidh bliadhna na tàmh.
Tha Tilley a-nise a' cruthachadh dealan don ghrìod nàiseanta agus mar sin a' tionnal airgid do phròiseactan coimhearsnachd ionadail.
Chaidh Tilley a thogail o chionn 10 bliadhna ach bha feum air obair-càraidh a dhèanamh oirre an-uiridh far an deach sgiathan ùra a chur rithe, am measg eile.
Chuir urras Coimhearsnachd Thiriodh bàirdse air dòigh airson gineadair ùr agus crann-togail 500 tunna a thoirt chun an eilein.
Buannachdan coimhearsnachd
Tha Phyl Meyer, manaidsear an Urrais, ag ràdh gu bheil am maoineachadh a tha tighinn an cois Tilley uabhasach cudromach don choimhearsnachd.
Thuirt e gu robh e air comas a thoirt dhaibh na prìomhachasan aca fhèin a chur air adhart agus leasachadh a thoirt air rudan a tha cudromach don choimhearsnachd.
Le taic airgid bho Riaghaltas na h-Alba agus maoineachadh bho Tilley, chaidh aca air dà chala air an eilean a leasachadh agus an toirt fo bhratach na coimheasnachd.