Sràid a' Chaisteil air fosgladh a-rithist

Sràid a' Chaisteil
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhosgail Sràid a' Chaisteil ann am meadhan Inbhir Nis às ùr feasgar Dhihaoine às dèidh tubaist nas tràithe air an là.

Chaidh fios a chur gu Poileas Alba mun tubaist eadar carbad is rothaiche mu 09:40m.

Thathas a' tuigsinn gun do thachair an tubaist faisg air Caisteal Inbhir Nis, aig a' cheann-rathaid eadar Sràid a' Chaisteil agus Àite an t-Seallaidh.

Chaidh an rathad a dhùnadh do chàraichean is luchd-coise fad grunn uairean a thìde mus deach fhosgladh às ùr.

Chan eil an còrr fiosrachaidh ann aig an ìre seo mun tubaist.

Loidhne poilis