A' chiad Phàpa às na Stàitean Aonaichte air a thaghadh

Pàpa Leo XIV
- Air fhoillseachadh
Chaidh Robert Prevost a thaghadh mar Phàpa - a' chiad Phàpa a-riamh às na Stàitean Aonaichte.
Ghabh e an t-ainm Pàpa Leo XIV.
Tha am Pàpa ùr 69 bliadhna a dh'aois is rugadh e ann an Chicago.
Tha ceanglaichean làidir aige le Peru is saoranachd na dùthcha sin aige cuideachd.
Am Pàpa Leo XIV a' nochdadh gu poblach 'son a' chiad uair
Chaidh a stèidheachadh mar chàirdineal ann an 2023 leis a' Phàpa Prainnseas nach maireann.
'S e a-nise an 267mh Pàpa.
Nochd e air balconaidh os cionn Ceàrnag an Naoimh Peadar oidhche Dhiardaoin às dèidh do dh'àrd-chàirdineal an naidheachd a dhearbhadh leis na faclan "Habemus Papam" - "Tha Pàpa againn".
Na chiad òraid, thuirt e: "Tha gràdh aig Dia oirnn uile.
"Tha Mac an Duine feumach air Crìost mar dhrochaid a ruigeas Dia agus a ghràdh. Cuidich sinn, is cuidich càch a chèile, togaibh drochaidean".

Mnathan-cràbhaidh ann an Cearnaig an Naoimh Peadar is ceò geal air nochdadh à similear an t-Seipeil Sistine
Bha ceò geal air tighinn à similear an t-Seipeil Sistine goirid às dèidh 5f, a' ciallachadh gun robh na càirdinealan air Pàpa ùr a thaghadh.
Thòisich an conclave Diciadain is na càirdinealan a' bhòtadh gus am faigheadh tagraiche dà thrìan den bhòt.
Bha aona bhòt ann Diciadain fhèin is dà bhòt eile nas tràithe Diardaoin mus deach am Pàpa ùr a thaghadh sa cheathramh bhòt.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An Giblean
- Air fhoillseachadh26 An Giblean
- Air fhoillseachadh28 An Giblean