Rabhadh de chunnart mòr bho theintean monaidh aig tuath

Rinn an teine seo an Eilean Arainn sa Ghiblean sgrios mòr
- Air fhoillseachadh
Tha Seirbheis-smàlaidh na h-Alba ag ràdh gu bheil cunnart mòr ann bho theintean air a' bhlàr a-muigh.
Bha rabhadh an sàs air feadh cheann a tuath na dùthcha Dihaoine is ga sgaoileadh air an deireadh-sheachdain gu tìr-mòr na h-Alba air fad.
Tha grunn theintean fiadhaich mòra air milleadh a dhèanamh air an àrainneachd agus fiadh-bheatha sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.
Sgaoileadh rabhadh gu nàiseanta sa Ghiblean gun robh an cunnart bho theintean fiadhaich aig ìre èiginneach.
Tha Comanndair na Seirbheis-smàlaidh airson na Gàidhealtachd, Miles Stubb, ag ràdh gu bheil teintean monaidh a' dol nas cumanta.
"Tha am feur agus am fraoch gu math tioram agus aon uair 's gun tòisich teine bidh e a' sgapadh gu luath agus a' toirt buaidh air raointean farsaing."
- Air fhoillseachadh18 An Giblean
- Air fhoillseachadh20 An Gearran
- Air fhoillseachadh14 An Giblean
Dh'iarr aonadh an luchd-smàlaidh, an FBU, air a' mhìos a chaidh gum faigh an t-Seirbheis-smàlaidh barrachd airgid airson dèiligeadh ri teintean monaidh.
Thuirt Mgr Stubb gu bheil teintean monaidh a-nis a' tachairt nas tràithe sa bhliadhna na b' àbhaist.
"Chanainn-sa gur e atharrachadh na gnàth-shìde as coireach ris an sin cho math ris na tha de luchd-turais a tha a-nis a' tighinn dhan dùthaich."
'S e a' chomhairle aige: "Bithibh sàbhailte, bithibh ciallach agus na bithibh a' tòiseachadh theintean."