Ospadal ùr san Aghaidh Mhòir a' fosgladh
- Air fhoillseachadh

Fosglaidh ospadal coimhearsnachd ùr san Aghaidh Mhòir an t-seachdain seo.
Chosg Ospadal Coimhearsnachd Bhàideanach agus Srath Spè £20m.
Bidh 24 leabaidh san ospadal agus bidh ionad tubaist agus èiginn coimhearsnachd ann cuideachd.
Aig an aon àm, ge-ta, dùinidh dà ospadal eile; Ospadal Coimhearsnachd Naomh Vincent ann an Ceann a' Ghiùthsaich agus Ospadal Ian Charles ann am Baile nan Granndach.
Tha dragh ann nach bi an t-ospadal ùr mòr gu leòr airson feumalachdan na sgìre a fhreagairt, ach thuirt NHS na Gàidhealtachd nach robh na seann ospadalan tuilleadh freagarrach agus gun robh goireas ùr a dhìth nan àite.
Thuirt stiùiriche na pròiseict 'son NHS na Gàidhealtachd, Kenny Rogers: "Chan eil an dà sheann ospadal a' coileanadh riaghailtean teine no aig an ìre a bu chòir airson stad a chur air galaran bho a bhith a' sgapadh.
"S e cothrom a tha seo a bhith ag obair còmhla ri coimhearsnachdan airson ospadal ùr a leasachadh airson Srath Spè agus Bàideanach - planaichean a tha air a bhith an sàs fad deich bliadhna."