Maill eile air a' Chaledonian Isles

MV Caledonian IslesTùs an deilbh, CalMac
  • Air fhoillseachadh

Tha CalMac a-niste a' sùileachadh gur ann san Ògmhios, seach deireadh a' Chèitein, a thilleas an MV Caledonian Isles gu prìomh shlighe Arainn.

Tha an Caledonian Isles air a bhith a-mach à seirbheis bhon Fhaoilleach 2024.

Tha dùil gur ann san t-seachdain a' tòiseachadh air an 9mh là den Ògmhios a bhios i air ais ann an seirbheis.

'S e maill a thàinig air na crainn proipeileir aice a bhith a' tilleadh à càradh san Danmhairg as coireach ris an dàil as ùire, leis gun deach mothachadh gu obair eile a bha a dhìth fhad 's a bha sin ga dhèanamh.

Gus an till an Caledonian Isles chun na slighe eadar Àird Rosain agus Tràigh a' Chaisteil, leanaidh an t-seirbheis às an Truthail le dà aiseag, an MV Glen Sannox agus an MV Alfred.

Tha CalMac cuideachd air innse gu bheil iad ann an còmhraidhean le Pentland Ferries feuch an gabh an gabhaltas aca air an MV Alfred a leudachadh.