Teaghlach Afganach air Leòdhas a' ruighinn

  • Air fhoillseachadh
Teaghlach Afganach

Tha dithis pheathraichean Afganach a bha ag obair do Bhunait Linda Norgrove ann an Kabul air Leòdhas a ruighinn lecàirdean às dèidh cha mhòr trì mìosan a' feuchainn ri faighinn gu àite sàbhailte.

Bha Frishta agus Farzana Matin ag obair dhan bhuidhinn chathrannais, Bunait Linda Norgrove, a chaidh a stèidheachadh airson taic a thoirt do bhoireanaich ann an Afganastan.

Frishta agus Farzana Matin
Fo-thiotal an deilbh,

Frishta agus Farzana Matin agus iad air Leòdhas a' ruighinn.

Bha pàrantan Linda Norgrove, John agus Lorna, a' strì airson na boireannaich fhaighinn a-mach à Afganastan bhon ghabh na Taliban thairis an dùthaich.

Bha iomagain nach fhaigheadh iad a-mach agus uallach orra cuideachd a thaobh mar a bha'd ag obair airson maith bhoireannach 's ciamar a ghabhadh na Taliban ris a sin.

Chuir Frishta Matin, an duine aice, Murtaza Barlas, am mac, Kia, piuthair Frishta, Farzana Matin, agus am bràthair, Zakar Matin, seachad faisg air mìos a' feitheamh airson plèana a-mach à Afganastan agus bha aca ri feitheamh beagan sheachdainnean ann an Qatar mus d'fhuair iad cead a thighinn a Bhreatainn.

Ged is e faochadh a th' ann dhaibh, mhìnich iad cho duilich 's a bha e am pàrantan agus an còrr den teaghlach fhàgail an Afganastan gun fhios am faic iad a chaoidh tuilleadh iad.

Thuirt Rùnaire na h-Alba Alister Jack gu bheil e toilichte gun robh cothrom aig riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte taic a thoirt ann a bhith faighinn an teaghlach a-mach à Afganastan.

"Is cinnteach gur e faochadh a tha'nn dhaibhsan agus dha John agus Lorna Norgrove. Tha mi 'son taing a thoirt dhan a h-uile duine a dh'obraich gu cruaidh airson turas an teaghlaich a dhèanamh comasach" thuirt e.

Chaidh Bunait Linda Norgrove a stèidheachadh mar chuimhneachan air Linda Norgrove à Leòdhas, a bha ag obair do bhuidheann chathrannais ann an Afghanistan.

Chaidh a marbhadh san Dàmhair 2010 nuair a dh'fheuch saighdearan Aimeireaganach cobhair a dhèanamh oirre 's i am bruid aig na Taliban ann an sgìre Kunar.

Tha Frishta agus Farzana an dòchas leantainn orra ag obair dhan a' Bhunait agus a' toirt taic do dhaoine ann an Afganastan.