Iarrtas 'son coimhead ri structar Comhairle na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh gun tèid iarraidh air Riaghaltas na h-Alba coimhead ri structar Comhairle na Gàidhealtachd atharrachadh agus cumhachd a roinn a-mach gu sgìrean ionadail.
Thèid iarraidh air comhairlichean an taic a chur ri ath-sgrùdadh aig coinneimh den làn chomhairle Diardaoin.
Tha am moladh ga chur air adhart le triùir chomhairlichean; Struan Mackie is Jim MacIlleBhrath à Gallaibh is Cataibh agus Anndra Baxter à Loch Abar.
Tha iad ag iarraidh air buill aontachadh gur e mearachd a bh' ann comhairlean thar-roinneil samhail Comhairle na Gàidhealtachd a stèidheachadh ann an Alba.
Ro mhòr
Chuirear Comhairle na Gàidhealtachd air chois ann an 1995 mar phàirt de leasachadh air ùghdarrasan ionadail.
Chaidh cur às dhan chomhairle roinneil agus do dh'ochd comhairlean sgìreil.
Mar a tha cùisean an-dràsta, tha 22 uàrdan ann - gach fear le triùir no ceathrar chomhairlichean - agus tha gu leòr a' faireachdainn gu bheil an sgìre ro mhòr.
Roimhe seo tha daoine air comhairle air leth do dh'Inbhir Nis iarraidh agus gun deadh cumhachd is ionmhas a sgaoileadh gu sgìrean eile.
A-nis thèid iarraidh air comhairlichean an taic a chur ri iarrtas gun seall Riaghaltas na h-Alba ri structar Comhairle na Gàidhealtachd atharrachadh agus cumhachd a roinn a-mach gu sgìrean ionadail.