Bòrd na Gàidhlig "air dèiligeadh ri laigsean"
- Air fhoillseachadh

Tha Bòrd na Gàidhlig air dèiligeadh ris na laigsean a fhuaireadh sna modhan-riaghlaidh aca agus ann an ceannas na buidhne, a rèir luchd-sgrùdaidh.
Fhuair aithisg Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba bho chionn dà bhliadhna laigsean bunaiteach ann an doighean obrach agus riaghlaidh a' Bhùird.
Thuirt Àrd-Neach-Sgrùdaidh na h-Alba aig an àm gun robh am Bòrd a' faighinn tàire le rudan bunaiteach.
Bha còrr air 40 moladh anns an aithisg a b' fheudar a chur air beulaibh bhall ann am Pàrlamaid na h-Alba - Aithisg Section 22, mar a theirear ris.
"Eadar-dhealaichte"
Dh'innis Àrd-Neach-Sgrudaidh na h-Alba, Stephen Boyle, Diardaoin ge-tà, gu bheil am Bòrd air adhartas a dhèanamh.
"Tha sinn gu math toilichte leis an adhartas a rinneadh, ach 's ann bho bhunait gu math ìosal a tha sin o chionn dà bhliadhna," thuirt Mgr Boyle.
"Far a bheil sinn a-niste ge-tà, tha e a' faireachdainn gu math eadar-dhealaichte, agus a' bhuidheann gu math nas fheàrr."
Dh'innis e gu bheil iad air atharrachadh a thoirt air ceannas na buidhne; piseach a thoirt air follaiseachd, agus obraichean is dleastanas dhaoine a mhìneachadh, am measg grunn rudan eile.
Sheall am plana airson adhartas a thoirt air an t-suidheachadh gum feumte dèiligeadh ri 72 rud.
Thuige seo chaidh dèiligeadh ris a h-uile gin dhiubh ach a-mhàin aonan.
"Tha an Section 22 gu dearbha a' toirt misneachd dhan dùthaich, tha mi an dòchas, gu bheil Bòrd na Gàidhlig am measg nam buidhnean poblach as fheàrr a tha a-muigh an siud, ge b' i cà' bheil iad," thuirt Cathraiche a' Bhùird Màiri NicAonghais.
"'S e fìor dheagh fhaochadh a th' ann dhuinne aig an àm a tha seo a bhith a' faighinn na naidheachd sin.
"Tha obair mhòr air a bhith ga dhèanamh agus tha adhartas math ann.
"Tha adhartas ri chumail a' dol - chan eil an obair sin seachad gu bràth, ach tha sinn air tighinn gu ìre fìor mhath, agus tha mise gu dearbha taingeil dhan a h-uile duine a chuir ris an obair a bha sin," thuirt i.
Thuirt Àrd-Neach-Sgrùdaidh na h-Alba gum feum am Bòrd dèanamh cinnteach gun lean an t-adhartas a tha iad air a dhèanamh.
Chuir e ri sin agus e ag ràdh gum feumar sùil gheur a chumail air an t-suidheachadh airson dèanamh cinnteach gun tig adhartas maireannach air an t-suidheachadh agus air a' Bhòrd.
"Tha coltas ann a-niste gu bheil Bòrd na Gàidhlig air ais anns an àite sin, 's gu bheil iad ag obair le rianachd agus ceannas ris an gabhar, 's gum faod iad a-niste an aire a thoirt air an obair a tha fan comhair, seach air rudan co-cheangailte ris an rianachd aca fhèin," thuirt e.