Afganaich Urras Linda Norgrove air cò-dhùnadh fuireach an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
Frishta Matin agus a mac
Fo-thiotal an deilbh,

Frishta Matin a' cluich leis a' bhalach bheag aice

Tha dà mhìos on ràinig dithis pheathraichean Afganach agus an teaghlach Steòrnabhagh an dèidh dhaibh teicheadh bho na Taliban ann an Kabul.

Bha Frishta Matin agus a piùthair Farzana ag obair am prìomh-bhaile Afganastan do Bhunait Linda Norgrove, cathrannas stèidhichte ann an Leòdhas.

Thàinig iad còmhla ris an duine aig Frishta, Murtaza, am balach beag aca Kia agus am bràthair, Zaker, san Dàmhair.

Thuirt Frishta gur e àite math a bh' ann an Leòdhas beatha ùr a chruthachadh dhaibh fhèin agus thuirt i gun robh iad an dòchas gun rachadh aca air cosnadh agus leantainn orra le an cuid foghlaim.

Linda NorgroveTùs an deilbh, Bunait Linda Norgrove
Fo-thiotal an deilbh,

Stèidhich pàrantan Linda Norgrove cathrannas mar chuimhneachan oirre

Eagal

Chaidh Bunait Linda Norgrove a stèidheachadh mar chuimhneachan air an neach-cobhair a thogadh an Leòdhas an dèidh a bàis nuair a rinneadh oidhirp a saoradh agus i am bruid aig an Taliban san t-Sultain 2010.

Bha an cathrannas - le pàrantan Linda aig an stiùir - a' cumail taic ri boireannaich agus clann-nighean ann an Afganastan, agus bha dragh orra mu shàbhailteachd an luchd-obrach agus an teaghlach an dèidh do na Taliban smachd a ghabhail air an dùthaich a-rithist.

Bha iad làithean glacte aig Port-adhair Khabul agus am measg nam mìltean nach d'fhuair àite a-mach às an dùthaich a' chiad ghreis.

Chunnaic iad duine ga mharbhadh agus bha iad mìos a' feitheamh aig Port-adhair Mazar-i-Sharif airson plèana a thug gu Qatar iad.

Norgroves agus an teaghlach air an deach cobhair a dhèanamhTùs an deilbh, Bunait Linda Norgrove
Fo-thiotal an deilbh,

An teaghlach air an là a ràinig iad Leòdhas còmhla ri John is Lorna Norgrove

Droch shìde

Ràinig iad Leòdhas mu dheireadh thall air 22mh den Dàmhair an dèidh a bhith ann an cuarantain Covid ann an Dùn Èideann.

Chaidh taigh a chur air dòigh dhaibh an toiseach ann am Bhaltos ann an sgìre dhùthchail den eilean agus gu math eu-coltach ris a' bhaile mhòr às an do dh'fhalbh iad.

Thuirt Frishta: "Ann am Bhaltos 's e an aon duine a bhiodh sinn a' faicinn am post. Ach bha e math a bhith ann. Bha sinn a' fàs cleachdte ri rudan ùra agus chuidich sin sinn gun a bhith a' smaoineachadh cho mòr air na thachair ann an Afganastan.

"Bha a' ghaoth agus an t-uisge ann. Rachamaid chun na tràghad agus thigeadh an t-uisge agus bhiodh againn ri ruith air ais dhachaigh."

Zaker Matin agus a phiùthair Farzana Matin
Fo-thiotal an deilbh,

Zaker Matin agus a phiùthair Farzana Matin

Dachaigh ùr

Tha iad an-diugh a' fuireach ann an taigh an ùghdarrais ionadail ann an Steòrnabhagh agus tha an teaghalch air ròghnachadh gum fuirich iad ann an Steòrnabhagh an-dràsta co-dhiù.

Thuirt Farzana: "Tha e bòidheach. 'S fìor thoigh leam a bhith a' coiseachd sa Gheàrraidh Chruaidh. 'S e àite socair sìtheil a th' ann.

"Cuideachd, tha na daoine coibhneil agus cuideachail. Leis gu bheil mi air ùr-thighinn bidh mi a' dol air chall sa bhaile, ach 's urrainn dhomh iarraidh air duine sam bith mo chuideachadh agus seallaidh iad dhomh an t-slighe."

Tha caraidean ùra aca, fògarraich Shiorianach, gan cuideachadh faighinn cleachdte ris a' bheatha ùir aca. Thuirt Farzana: "Tha e math bruidhinn ri daoine a dh'fhiosraich an aon seòrsa rud rinne. Thuirt iad rinn gun iomagain a bhith oirnn agus gum bi a h-uile càil ceart gu leor."

Fàilte

Chan eil bràthair Farzana agus Frishta, Zaker, ach 18 bliadhna de dh'aois. Bha esan a' dèanamh deiseil airson a dhol dhan oilthigh còmhla ri a charaidean.

An-diugh, tha mòran aca sgaipte air feadh na Roinn Eòrpa agus tha e gan ionndrainn.

Thuirt e gun robh an t-eagal air an toiseach a dhol a-mach an doras ann an Steòrnabhagh.

Thuirt e: "Mar neach-imrich tha thu a' smaoineachadh gur dòcha nach bi daoine bàidheil riut ach tha a h-uile duine cho coibhneil agus càirdeil an seo."

A' bruidhinn ri teaghlach air ais ann an Afganastan
Fo-thiotal an deilbh,

An teaghlach a' bruidhinn ri càirdean ann an Afganastan

An t-àm ri teachd

Tha an teaghlach a' bruidhinn gu tric le càirdean a dh'fhàg iad às an dèidh agus e na adhbhar dragh gu bheil ionnsaighean air a' choimhearsnachd Hazara, am mion-shluagh dham buin iad, a' leantainn.

Thuirt Frishta: "Ged a tha sinn an seo tha ar pàrantan nar smuaintean fhathast agus tha sinn an dòchas gum bi Afganastan aon là mar a bha e dhuinn."

An-dràsta co-dhiù, chan urrainn dhaibh tilleadh agus tha an teaghlach a' feitheamh gus am faic iad dè na còraichean a bhios aca a thaobh a bhith a' cosnadh am Breatainn agus a bhith a' leantainn orra le an cuid foghlaim.

Le gàire thuirt Frishta: "'S dòcha an ceann beagan bhliadhnaichean gun tèid sinn nar Albannaich ach nar Afgnaich aig a' cheart àm. Nì sinn ar dìcheall agus tha sinn a' smaoineachadh gun tèid againn air."