Dol a-mach mì-shòisealta ann an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh
Seacaid Phoilis

Thuirt Poilis Steòrnabhaigh gu bheil iad ag obair gus bacadh a chur air mar a tha cùisean de dhol a-mach mì-shoisealta air èirigh anns a' bhaile.

Tha oifigearan ag ràdh gu bheil seo air fàs nas miosa bho chionn ghoirid, agus cuid de dh'òganaich a' bhaile air a bhith gan giùlain fhèin ann an dòighean mì-mhodhail agus mì-thaitneach.

Thuirt oifigearan gu bheil iad air a bhith a' dèiligeadh ri sreath de thachartasan co-cheangailte ri buidhinn de dh'òigridh ann an Steòrnabhagh.

Am measg eile tha iad ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' rannsachadh chùisean de bhagairt agus mì-ghnàthachadh, milleadh thogalaichean, cur teine, rothaireachd chunnartach agus dol a mach mì-shòisealta.

Tha iad air casaidean a chur às leth na h-uimhir de dhaoine òga co-cheangailte ris na cùisean sin.

Anns an tachartas as ùire, a thachair Dimàirt, chaidh maoidheadh air teaghlach agus chaidh milleadh a dhèanamh air a' charbad aca.

Tha rannsachadh Poilis a' leantainn agus tha dùil gun tèid casaidean eucoir a chur às leth an fheadhainn a bu choireach.

Thuirt comanndair phoileas na sgìre, an t-Àrd-Inspeactair Alasdair MacLeòid, nach tèid achdan eucoir no dol a-mach mì-shòisealta fhulang sna h-eileanan, agus gun tèid dèiligeadh ri feadhainn a tha a' dol an-sàs annta ann an dòigh iomchaidh.