Cead ga mholadh 'son sgoil ùr am Baile Dhubhthaich
- Air fhoillseachadh

Dreach ìomhaigh den sgoil ùir
Thathas a' moladh do chomhairlichean cead a thoirt do phlanaichean airson campas sgoile ùr a thogail ann am Baile Dhubhthaich air taobh sear Rois.
Bidh an sgoil ùr do sgoilearan bho aois trì gu 18 bliadhna à Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich agus à Bun-sgoiltean a' Chnuic Bhric agus Chnoc na Creige.
Bidh goireasan ann cuideachd do sgoilearan le feumalachdan sònraichte a tha an-dràsta a' dol gu Sgoil Shònraichte Naoimh Dhubhthaich.
Bidh goireasan coimhearsnachd mar phàirt den leasachadh cuideachd le raointean spòrs agus leabharlann.
Thathas air a bhith a' feitheamh greis airson sgoile ùire ann am Baile Dhùbhthaich agus dragh mu staid togalaichean sgoiltean na sgìre.

Tha togalach Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhùbhthaich ann an droch staid
Rinn sgoilearan bho na sgoiltean bhideo ann an 2019 a' sealltainn mullaich le uisge a' tighinn a-steach agus fiodh mu na h-uinneagan a' grodadh.
Chuir iad seo gu Riaghaltas na h-Alba mar phàirt den iomairt aca toirt orra ionmhas a thoirt seachad airson àrainn sgoile ùir sa bhaile.
Thàinig dearbhadh sia mìosan às dèidh sin gum biodh airgead a' tighinn bho stòras riaghaltais airson na h-obrach.
Thèid na planaichean airson a' champais ùir, a bhios aig an làraich far a bheil Bun-sgoil Chnoc na Creige an-dràsta, a chur mu choinneimh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath aig Comhairle na Gàidhealtachd an ath-sheachdain.