Thòisich iomairt £500,000 a thogail airson Cultarlann Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Cruinneachadh a' cur air chois iomairt togail-airgid
Fo-thiotal an deilbh,

An cruinneachadh far an deach iomairt togail-airgid a chur air chois.

Tha luchd-iomairt airson ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann am prìomh-bhaile na Gàidhealtachd.

Tha iad ag amas air £500,000 a chruinneachadh airson togalaich ùir neo airson fear a cheannach far am bi Cultarlann Inbhir Nis.

Tha iad an dòchas £50,000 a thogail an toiseach a dhearbhadh gu bheil daoine sa bhaile, ann an Alba air fad, agus air feadh an t-saoghail a' cur taic ris a' phròiseact.

Tha iad ag amas air coimhearsnachd Ghàidhlig a chruthachadh le bhith a' stèidheachadh àite-coinnichidh aoigheil do luchd-bruidhinn agus luchd-ionnsachaidh a' chànain, luchd-tadhail, agus a h-uile duine sa bheil ùidh sa chànan agus an dualchas.

Luchd-ciùil
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Cultarlann Gàidhlig Inbhir Nis a' taisbeanadh a' chànain agus a' chultair

'S i Magaidh Mulholland cathraiche Cultarlann Inbhir Nis: "Tha sinn ag amas an toiseach air £50,000 a thogail, ceum gu math cudromach a dh'ionnsaigh na targaid againn de £500,000.

"Tha sinn an dòchas gun seall seo gu bheil taic ann air a shon bho mhuinntir Inbhir Nis, na Gàidhealtachd, na h-Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.

"Chan eil baile eile san t-saoghal sa bheil na h-uimhir de luchd-labhairt na Gàidhlig agus tha na ceudan de dhaoine òga sa choimhearsnachd a rinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Tha sinn airson seo a chomharrachadh le bhith a' togail àite far an tig sean agus òg còmhla a bhruidhinn na Gàidhlig ann an àrainneachd nàdarrach," thuirt i.

Cruinneachadh a' cur air chois iomairt togail-airgid

Tha Cultarlann Inbhir Nis a' faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, prìomh bhuidheann leasachaidh a' chànain ann an Alba.

Thuirt Shona Nic'illInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: "'S e an t-amas againn gum bi a' Ghàidhlig air a cluinntinn agus air a faicinn air feadh Alba airson sealltainn do dhaoine mar a thathar ga cleachdadh bho là gu là agus gun tuig iad cho luachmhor 's a tha i a thaobh eaconamaidh agus cultar na dùthcha.

"Le bhith a' cumail taic ri Cultarlann Inbhir Nis tha sinn a' coileanadh gealladh Plana Nàiseanta na Gàidhlig taic a thoirt do choimhearsnachdan Gàidhlig nam bailtean mòra soirbheachadh.

"Tha sinn a' guidhe dhaibh gach soirbheas le an iomairt dachaigh a chruthachadh dhan Ghàidhlig ann an Inbhir Nis."