Cultarlann Inbhir Nis "air an dòigh"

  • Air fhoillseachadh
Cultarlann

Tha iomairt gus ionad cànain agus cultair a stèidheachadh ann an Inbhir Nis air £27,000 a thogail ann an dà mhìos - suim a tha pìos math gann air an amas aca de £50,000.

'S e £500,000 an targaid mhòr.

Ged nach eil iad fhathast air an amasan a choileanadh, tha oifigear a' phròiseict Susanne NicDhòmhnaill toilichte le mar a rinn iad agus tha iad a' coimhead romhpa.

"Tha trì cheumannan gu bhith a' tachairt ach aig an aon àm," thuirt i.

Aire

"A bhith a' cumail oirnn a' togail airgid - bha an targaid againn de £50,000 's tha sin fhathast againn.

"Agus togail aire dhaoine dhan iomairt seo.

"Ged a thachair sin gu mòr tron iomairt crowdfunding 's tha barrachd dhaoine a-nis eòlach air cò sinne 's dè tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh.

"An dàrna rud 's e a bhith a' cumail a' dol a lorg àite no togalach iomchaidh airson na tha sinn ag iarraidh a dhèanamh.

"Sin rud cudromach cuideachd, gum faigh sinn an t-àite ceart.

"Agus an treas rud, 's e a bhith a' bruidhinn ri luchd-poileataigs is buidhnean poblach cuideachd.

"'S e an aon rud a tha sinn air aontachadh mar bhuidhinn, gur ann am meadhan a' bhaile a tha an t-àite seo gu bhith - so tha sin cudromach, gum faic daoine e, gum bi fios aig daoine gur e seo cultarlann, seo ionad Gàidhlig," thuirt i.

Ged nach do choilean a' bhuidheann an targaid aca fhathast, tha iad barrachd is riaraichte le mar a tha a' dol dhaibh.

"Chan eil sinn riaraichte - tha sinn air ar dòigh!" thuirt Ms NicDhòmhnaill.

Iarrtas agus Miann

"Chan urrainn dhuinn creidsinn cho math 's a rinn sinn.

"Chan e sinne a rinn e - 's e na daoine a thug airgead dhuinn.

"Tha sinn cho taingeil.

"Tha e a' sealltainn dhuinn cuideachd 's dhan a h-uile duine gu bheil ùidh agus iarrtas agus miann aig daoine airson a leithid de rud.

"Tha sin air a bhith uabhasach math cuideachd a bhith a' bruidhinn 's a bhith a' còmhradh ri daoine sna sràidean 's a bhith a' cluinntinn bho dhaoine gu bheil iad taiceil.

"'S daoine air a bhith ag ràdh rinn "uill carson nach eil a leithid de rud air a bhith ann gu ruig seo?" thuirt i.

A dh'aindeoin staid na h-eaconomaidh, tha coltas ann gu bheil daoine air a bhith a' toirt seachad na 's urrainn dhaibh airson 's gum faic iad am pròiseact a' tighinn gu buil.

"Bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn sin aig an toiseach. 'S dòcha nach eil e ceart a bhith ag iarraidh air daoine airgead a thoirt dhuinn aig an àm seo far a bheil cosgaisean a' dol suas 's a h-uile sìon mar sin," thuirt Ms NicDhòmhnaill.

"Ach mar a thachair, thug cuid de dhaoine £500, £1,000 daoine eile £5.

"Bha tè òg air an t-sràid Disathairne seo chaidh, 12 bliadhna de dh'aois, thàinig i thugainn 's bha i a' bruidhinn 's a' coimhead air na leabhraichean 's na balùnaichean, agus dh'fhalbh i, agus thill i 's chuir i 1sg anns a' bhocsa againn.

"So eadar 1sg agus £2,000 tha daoine a' cur a-steach na 's urrainn dhaibh.

"Ach air an làimh eile bidh an t-àite seo a' cruthachadh obraichean do dhaoine, bidh cothrom do luchd-turais tighinn a-steach, 's tha sinne den bheachd gum bi e math dha eaconomaidh Inbhir Nis," thuirt i.