Aiseagan dealain san amharc aig a' Chorran

  • Air fhoillseachadh
Aiseag a' ChorrainTùs an deilbh, Getty Images

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh dà aiseag a bhiodh a' ruith air dealan a chur air slighe a' Chorrain ann an Loch Abar.

Fo phlanaichean a tha an t-ùghdarras ionadail a' cur air adhart, rachadh leasachadh a dhèanamh cuideachd air cidhichean is goireasan eile.

Gheibh a' choimhearsnachd ionadail cothrom barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu na planaichean is beachd a thoirt orra aig tachartas, taobh a-muigh ann an Talla Àird Ghobhar air an 10mh den mhìos.

Bidh cothrom beachd a thoirt seachad air-loidhne cuideachd às dèidh sin.

'S e slighe air leth trang a th' ann an Aiseag a' Chorrain is figearan ro Chovid a' sealltainn gun robh còrr is 500,000 duine ga chur gu feum gach bliadhna.

Adhartas

Tha Màiri Anna NicUalraig a' fuireach anns an sgìre 's a' gabhail an aiseig tric. Thuirt i gur e ceum air adhart a tha seo.

"Feumaidh sinn a bhith a' dèanamh gàirdeachais gu bheil adhartas ga dhèanamh chun na h-ìre gu bheil chan e aon bhàta ach dà bhàta ga mholadh, agus gu bheil sinn a' coimhead ri dòighean adhartach air cumhachd a chumail ris na h-aiseagan a tha sin.

"Tha mi cinnteach gur e an rud a tha a' dol a bhith a' togail cheistean do mhuinntir na sgìre, a bharrachd air na bàtaichean, feumaidh obair mhòr a dhèanamh air na lamraigean, air na raointean far a bheil na càraichean a' feitheamh airson faighinn tarsainn.

"'S e mìorbhailt a th' ann nach do thachair droch thubaist - tubaist bhasmhòr fiù 's - leis mar a tha na càraichean nan seasamh air na rathaidean mòra an-dràsta nuair a tha na bàtaichean trang.

"Tha mi cinnteach gum bi daoine airson faighinn a-mach ciamar a tha a' Chomhairle a' dol a làimhseachadh an obair-leasachaidh, oir dh'fheuch iad roimhe na bàtaichean a chur dheth fhad 's a bha obair mhòr ga dhèanamh is chan eil sin a' dol ", thuirt i.

Ceangal stèidhichte

Thog Màiri Anna cuideachd air deasbad nas fharsaing mu cheangal stèidhichte aig a' Chorran.

Thuirt i fiù 's le aiseagan ùra gun lean an deasbad sin.

"Tha sinn toilichte gu bheil leasachadh ga dhèanamh air an t-seirbheis ach bidh iomagain mhòr mhòr aig deireadh an là, fiù 's nuair a chì sinn is gum bi cothrom againn coimhead gu dlùth air na planaichean.

"A' cheist as motha a nochdas, ciamar a tha iad a' dol a chumail na coimhearsnachdan againn beò gun a bhith a' cur faraidhean an àirde is tha dearbhadh ann le cinnt gu bheil seo a' sgiùrsadh dhaoine òga, teaghlaichean, às na sgìrean againn.

"Tha e ro dhaor a bhith a' dol tarsainn air a' bhàta a h-uile là gu obair sa Ghearasdan. Ciamar a tha iad a' dol a dhìon agus a' dol a chumail suas na coimhearsnachdan againn?", thuirt i.