Bàs boireannaich aig Eas Rothagaidh

Na Poilis an làthair aig Eas RothagaidhTùs an deilbh, Peter Jolly
  • Air fhoillseachadh

Tha boireannach air bàsachadh às dèidh dhi tuiteam dhan uisge aig Eas Rothagaidh faisg air Inbhir Nis.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun na làraich ann an Siorrachd Rois mu 1:45f Disathairne.

Dhearbh Poileas Alba gun do chaill am boireannach, a bha 23 bliadhna de dh'aois, a beatha aig an làraich.

Thuirt na Poilis nach robh dad amharasach mun chùis agus gun tèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.