"Bu chòir SMO a dhèanamh na oilthigh"
- Air fhoillseachadh

Bu chòir inbhe oilthigh a bhuileachadh air Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach - agus gun tèid e na chiad oilthigh Gàidhlig ann an Alba.
Seo a mholas an t-Oll. Seumas Mac an t-Sealgair nuair a bheir e seachad òraid bhliadhnail na colaiste Gàidhlig Diardaoin.
Bhiodh an uairsin cumhachd aig SMO teisteanasan ceuma a thoirt seachad air an ceann fhèin.
Dh'fheumadh leithid de rud taic Riaghaltas na h-Alba, agus Comhairle Maoineachaidh na h-Alba.
An Rud as Cudromaiche
Tha Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta na phàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI), agus tha an t-Oll. Mac an t-Sealgair airson 's gun glèidhte an ceangal a th' aig an t-Sabhal Mhòr ris an UHI, ged a bhiodh e na sheasamh air a cheann fhèin mar oilthigh Ghàidhlig na h-Alba.
"'S e Sabhal Mòr Ostaig agus mar a thathas ga leasachadh, 's dòcha an rud as cudromaiche a thachair air Ghàidhealtachd nam linn-sa," thuirt an t-Oll, Mac an t-Sealgair.
"An rud as motha, agus an rud as motha a bheir dòchas, nam bheachd-sa, 'son an ama ri teachd.
"Bidh mi ag iarraidh gum faigh cudromachd an t-Sabhail Mhòir barrachd aithne, agus cuiridh mi air adhart argamaid nach fhaic mise adhbhar sam bith nach bu chòir Sabhal Mòr Ostaig àrdachadh gu inbhe oilthigh Ghàidhlig.
"'S e an coimeas a nì mi, Conservatoire Rìoghail na h-Alba, aig a bheil an t-inbhe sin, air sgàth na h-obrach gun samhail a bhios e a' dèanamh a thaobh na h-ealain 's mar sin air adhart.

Bhiodh ùghdarras aig an t-Sabhal Mhòr fhèin a bhith a' toirt seachad teisteanasan ceuma nam builichte inbhe oilthigh air.
"'S e an seasamh agamsa, gu bheil obair an t-Sabhail Mhòir a thaobh na Gàidhlig, a thaobh dualchas na Gàidhlig 's a h-uile càil eile san fharsainneachd, a' fàgail - fhad 's gum bithear an dòchas gun glèidhte an ceangal a th' aige ri UHI - gum faicte e mar oilthigh Ghàidhlig leis an aon uallach a thaobh sin 's a th' aig a' Chonservatoire a thaobh na h-ealain.
"Nuair a thadhail mise air an làraich far an robh Sabhal Mòr Ostaig gu bhith an toiseach, cha robh ann ach cruinneachadh de sheann tobhtaichean tuathanais an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.
"Bha am beachd gum faodadh e a dhol na ionad àrd-fhoghlaim na chulaidh-mhagaidh do mhòran aig an àm.
"Ach siud Sabhal Mòr Ostaig an-diugh a' dèanamh na tha e a' dèanamh le buaidh mhòir dha-rìribh gach cuid gu h-ionadail, agus gu sgìreil, agus gu dearbha gu h-eadar-nàiseanta.
"'S e an leasan mòr nam bheachd-sa a thig às sin, ma chuireas tu d' inntinn a dh'ionnsaigh rudeigin a choileanadh, nach eil dad idir ann nach gabh dèanamh.
Fèin-mhisneachd
"Gun teagamh bidh a h-uile seòrsa duilgheadais mu choinneimh Sabhail Mòr Ostaig gu poilitigeach agus eile, nan robh e ag amas air a bhith na oilthigh Ghàidhlig do dh'Alba.
"Ach fhuairear seachad air duilgheadasan a bha a cheart cho mòr - mura robh iad na bu mhotha buileach - airson Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh mar a tha e a-niste.
"Faodar faighinn seachad air duilgheadasan san àm ri teachd cuideachd.
"'S fhada a tha mi air a bhith a' cur air adhart a' bheachd, ann an grunn àiteachan sa bheatha phoblaich, aig HIE agus eile, gu bheil e mar chlach-oisinn de bhith a' leasachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil daoine a' faireachdainn gu math mun àite, mun dualchas aca 's a h-uile càil a tha sin.
"Tha mi gu làidir den bheachd gu bheil sin cudromach ann a bhith a' brosnachadh fèin-mhisneachd agus iomairt den a h-uile seòrsa.
"Saoilidh mi gu bheil Sabhal Mòr Ostaig uabhasach cudromach a thaobh sin," thuirt e.
Thuirt Comhairle Maoineachaidh na h-Alba gu bheil Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta ag obair air ro-innleachd ùir, agus gu bheil iad a' coimhead air adhart ri còmhraidhean a bharrachd leis a' cholaiste, agus buidhnean eile, mar a thèid seo a leasachadh.
Thuirt Ministear an Fhoghlaim, Jamie Hepburn, gu bheil fiughair aige ri bhith a' beachdachadh air na molaidhean aig an Oll. Mac an t-Sealgair air an t-slighe air adhart don t-Sabhal Mhòr a chùm maith na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta. lìn
Bidh an òraid aig an Oll. Mac an t-Sealgair ga toirt seachad aig 4.00f feasgar Diardaoin aig an t-Sabhal Mhòr.
Bidh i ri cluinntinn air-loidhne cuideachd agus gheibhear am fiosrachadh air làrach-lìn an t-Sabhail Mhòir, taobh a-muigh.