Planaichean Sràid na h-Acadamaidh ron Chomhairle
- Air fhoillseachadh

Beachdaichidh comhairlichean Gàidhealach Diardaoin air plana gus càraichean a chasg bho thè de na sràidean as trainge an Inbhir Nis - Sràid na h-Acadamaidh.
Tha an fheadhainn a dh'iarradh seo ag ràdh gun dèanadh e an t-sràid na b' fheàrr do dhaoine a tha a' coiseachd no a th' air baidhseagalan.
Tha timcheall air 9,000 carbad - eadar càraichean, bhanaichean, làraidhean agus busaichean - a' cleachdadh Sraid na h-Acadamaidh gach là.
Beachdaichidh Comataidh Baile Inbhir Nis air dà mholadh gus an t-sràid a dhèanamh nas fheàrr do dhaoine a tha a' coiseachd no a th' air baidhseagalan.
Fon dà phlana, bhiodh na cabhsairean na bu leatha agus bhiodh barrachd àiteachan ann do luchd-coiseachd airson a dhol tarsainn na sràide.
Chuireadh an roghainn a bu radaigich casg air càraichean prìobhaideach agus cha bhiodh ceadaichte ach còmhdhail phoblach, daoine le baidsichean gorma agus carbadan lìbhrigidh, a thuilleadh air daoine a bhiodh a' coiseachd is luchd-baidhseagail.
Nan deadh gabhail ris a' phlana sin, gheibheadh a' Chomhairle cothrom air pàirt de mhaoin luach £320m aig Riaghaltas na h-Alba.
Tha oifigearan a' moladh cead a thoirt dhan sgeama.
Tha beachd làidir air nochdadh air a shon agus na aghaidh is cuiridh an co-dhùnadh - ge b' i dè a bhios ann - cais air gu lèor.