Dàil às ùr air Hub Bharraigh
- Air fhoillseachadh

Seo iomhaigh de na tha san amharc 'son Hub Bharraigh.
Tha dàil às ùr air pròiseact gus seirbheisean poblach ann am Barraigh a chur air an aon làraich.
Chuala Comataidh a' Phoileasaidh 's nan Goireasan aig Comhairle nan Eilean Siar gun do dh'èirich cosgaisean Hub Bharraigh £4.9m sna ceithir mìosan mu dheireadh.
Chuala a' chomataidh cuideachd gu bheil mì-chinnt mun airgead a tha NHS nan Eilean Siar a' cur ris a' phròiseact - rud a dh'fhaodadh dàil de dheich mìosan adhbharachadh.
Cha do dhearbh NHS na h-Alba dhan bhòrd-slàinte fhathast gun toir iad am maoineachadh seachad.
Thuirt Ceannard na Comhairle, Pòl Steele, nach eil an t-àrdachadh ann an cosgaisean na iongnadh.
"Ann an dòigh bha dùil ris. Mar as fhaide a tha na rudan seo a' toirt 's ann nas àirde a tha na cosgaisean ag èirigh. Tha an atmhorachd a' toirt buaidh air cosgaisean cuideachd.
"Se droch naidheachd a th' ann gu ìre, ach tha sinn a' leantainn oirnn. Tha sinn an dòchas gu bheil am pròiseact a' dol air adhart," thuirt e.

Tha an Comh. Coinneach Mac'Illeathain ag ràdh gu bheil dragh air eileanaich mu cho fada sa tha e a' toirt an goireas ùr fhaighinn.
Thuirt fear de chomhairlichean Bharraigh is Bhatarsaigh, Coinneach Mac'Illeathain, gu feum adhartas a bhith air a dhèanamh airson iarrtasan nan eileanach a choileanadh.
"Tha daoine air an sàrachadh. Tha eagal orra. Chaidh a ràdh ann an 2003 gun robh feum air ospadal ùr agus thathas air a bhith a' feitheamh greis airson sgoil ùr cuideachd.
"Tha an t-ionad a tha seo a' toirt a-steach a h-uile seirbheis anns an eilean, bho na poilis, bho fhoghlam ro-sgoile, an dachaigh-cùraim. B' urrainn dhut a bhith air do bhreith agus bàsachadh sa ghoireas a tha seo.
"Mur a tèid seo a dhèanamh ceart bhiodh e a' cheart cho math dhut bàta bathair mòr fhaighinn agus na daoine air fad a thoirt far an eilein.
"Feumaidh am pròiseact seo a bhith air a dhèanamh ceart agus air a dhèanamh san ùine a chaidh a chur air dòigh," thuirt e.