Lùghdachadh an àireamhan mhinistearan an Leòdhas
- Air fhoillseachadh

Thèid an àireamh mhinistearan ann an clèir Leòdhais de dh'Eaglais na h-Alba a lùghdachadh agus thèid cothionalan a thoirt còmhla.
Chaidh an gluasad a dheasbad aig coinneimh dhen chlèir ann an Steòrnabhagh oidhche Mhàirt.
An-dràsta tha ochdnar mhinistearan ann is aonan aca pàirt-ùine.
Fon phlana seo, rachadh sin a ghearradh gu còignear.
Tha dùil gun tèid ceangal a dhèanamh eadar eaglaisean Cheann an Loch, Liùrboist agus a' Chnuic, cho math ri Ùig, Beàrnaraigh agus Càrlabhagh.
Rachadh Nis agus Barbhas còmhla às dèidh dha na ministearan a th' ann an-dràsta an dreuchd fhàgail.
Thèid co-dhùnadh mu dheidhinn nan trì eaglaisean ann an Steòrnabhagh a chur a Dhùn Eideann leis nach robh aonta aig a' choinneimh, ach tha dùil gun tig dà choitheanal an sin còmhla fo aon mhinistear.
Comataidh shònraichte
'S e comataidh shònraichte de dh'Eaglais na h-Alba ann an Dùn Èideann a bhios a' coimhead ri sin is dùil ri fios bhuapa tràth sa bhliadhna ùir.
Cha tèid am plana gu lèir a chur troimhe gus an tèid suidheachadh Steòrnabhaigh a rèiteach.
Tha Eaglais na h-Alba an-dràsta a' coimhead ris an obair aca air feadh na dùthcha is àireamhan nam ministearan a' tuiteam.
Bha an t-Urramach Ùisdean Stiùbhart, ministear Sgire Ùige agus Bheàrnaraigh, am measg na bha aig a' choinneimh oidhche Mhàirt.
Dh'aidich e gur e suidheachadh duilich a th' ann.
"Bha aona bhall bho gach cothional, bha cothrom aca a bhith a' bruidhinn ris a' chlèir mu bheachd nan cothionalan aca fhèin.
"'S e an rud a tha iadsan ag iarraidh tachairt nach bi atharrachadh sam bith ann, gum fuirich sinn mar a tha sinn, ach chan eil sin air a cheadachadh", thuirt e.