Sgrùdadh air na tha de dh'fhaoileagan am meadhan Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air eòlaichean neo-eisimeileach fhastadh a nì sgrudadh air faoileagan ann am meadhan Inbhir Nis le dùil am fiosrachadh a chleachdadh airson ro-innleachd gus dèiligeadh ri buaidh nan eun.
Tha iad air grunn ghearanan fhaighinn mun fhuaim agus an salachair a nì na faoileagan sa bhaile.
Bidh an sgrùdadh a' dol air adhart sa Chèitean nuair a bhios na faoileagan nas pailte agus iad a' neadachadh.
Bidhear a' cunntadh na tha ann de na diofar ghnèthichean ann an sgìre 5km ceàrnagach eadar Pàirc a' Bhught agus Drochaid Cheasaig.
A bharrachd air an sgìre sin, bidh an sgrùdadh a' toirt a-steach 20 prìomh thogalaichean sa bhaile, sgoiltean na Comhairle nam measg.

Thathar airson faighinn a-mach cia mheud faoileag a th' ann agus dè an seòrsa dol a-mach a th' aca.
Thuirt An Comhairliche Iain Brown, Ceannard Sgìre Inbhir Nis: "Ged nach eil sinn fo dhleastanas reachdail càil sam bith a dhèanamh a thaobh gnè sam bith de dh'fhaoileig, tha a' Chomhairle an dòchas gun toir an sgrùdadh seo fianais agus fiosrachadh dhuinn a thaobh plana ullachadh airson dèiligeadh ri faoileagan ann an Inbhir Nis."
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu fhaoileagan an seo, taobh a-muigh air làrach-lin na Comhairle.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 Am Màrt