Ceanglaichean stèidhichte gan deasbad aig Holyrood

  • Air fhoillseachadh
Drochaid DhòrnaichTùs an deilbh, Ian R Maxwell/Geograph

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba coimhead às ùr ri barrachd cheanglaichean stèidhichte ann an eileanan is sgìrean dùthchail na h-Alba.

'S e am BPA Tòraidheach airson na Gàidhealtachd is nan Eilean, Jamie Halcro Johnston, a thog an gnothach ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin.

Thuirt Mgr Halcro Johnston gu bheil e follaiseach gu bheil feum air tòrr a bharrachd airgid a chosg air seirbheisean aiseig na h-Alba anns a' bhad.

Ach thog e cuideachd air drochaidean, tunailean is cabhsairean, is e ag ràdh gum bu chòir coimhead ri suidheachaidhean far am biodh roghainn ann ceanglaichean stèidhichte a chur air adhart an àite aiseagan.

Dh'fheumadh co-chomhairle le coimhearsnachdan mu na goireasan còmhdhail a tha iad fhèin ag iarraidh a bhith na pàirt den phròiseas sin, thuirt e.

Conaltradh

Dh'iarr e air an riaghaltas innse dè an obair a tha iad a' dèanamh a thaobh cheanglaichean stèidhichte, is ciamar a tha iad a' conaltradh ri coimhearsnachdan ann an sgìrean eileanach is air tìr-mòr mun deidhinn.

A' freagairt ceist Mhgr Halcro Johnnston, thuirt Rùnaire na Còmhdhail gu bheil Ath-sgrùdadh an Riaghaltais air Pròiseactan Còmhdhail, taobh a-muigh a' coimhead ri ceanglaichean nas fhearr gu ruige eileanan na h-Alba.

Thuirt Mìchael MacMhathain gu bheil Riaghaltas na h-Alba air airgead mòr a chosg air bàtaichean-aiseag ùra.

Dh'innis e gu bheil an ath-sgrùdadh cuideachd a' moladh gun tèid barrachd rannsachaidh a dhèanamh air ceanglaichean stèidhichte aig Caolas na Hearadh, Caolas Bharraigh, is eadar Muile agus tìr-mòr.