Trioblaid le cidhe Ùige a th' air ùr fhosgladh

  • Air fhoillseachadh
Obair air cidhe ÙigeTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd

Chan fhaigh carbadan fada, làraidean, bhanaichean campachaidh no carbadan le trèilearan nan cois air bòrd an MV Hebrides aig cidhe Ùige, a dh'fhosgail às ùr madainn Diardaoin.

Chaidh na carbadan aig an robh ticeadan ach nach fhaigheadh air bòrd madainn Diardaoin a chur taobh Steòrnabhaigh.

Chan eil rùm gu leòr air an alt-aiseig shealadach a leigeas le carbadan fada tionndadh airson faighinn air bòrd.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd, leis a bheil cidhe Ùige, agus a tha air a bhith an ceann na h-obrach leasachaidh air, gun tàinig uireasbhaidh am bàrr 's iad a' dèanamh deuchainn ann leis an MV Hebrides oidhche Chiadainn. Tha iad ag ràdh gu bheil iad ag obair air fuasgladh dhan chùis 's gu bheil dùil gum bi sin an-sàs ro Dhisathairne.

Thabhainn iad leisgeul air companaidhean bathair agus air daoine eile le carbadan nach fhaigh air bòrd.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn - a bhios a' ruith nam bàtaichean aiseig ach aig nach eil gnothach ri cidhichean - gu bheil iad ag obair gu dlùth còmhla ri Comhairle na Gàidhealtachd leis a bheil an cala, agus gun toir iad seachad fiosrachadh ùr nuair a tha e aca.

"Anmoch Diciadain, dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd dhuinn gum faodadh bacadh a bhith air cuid de charbadan a bhith a' siubhal air an structar shealadach aig Ùige," thuirt tè-labhairt ChalMac.

"An dèidh deuchainn le carbadan feasgar Diciadain, a chuir a' Chomhairle fhèin air dòigh, chaidh na bacaidhean seo a dhearbhadh, agus chaidh fios a chur air luchd-siubhail air an toireadh seo buaidh.

"Tha sinn a' tuigsinn gu math mar a tha coimhearsnachdan air an sàrachadh le cho fada 's a thug seo tighinn am bàrr, agus leis a' mhì-chinnt a bharrachd a tha e a' toirt do na coimhearsnachdan a thaobh ath-fhosgladh cidhe Ùige, agus tha sinn fhèin air ar sàrachadh cuideachd.

"Dh'iarramaid air daoine a bhith cinnteach gu bheil sinn ag obair gu dlùth le Comhairle na Gàidhealtachd, leis a bheil an cala, agus bheir sinn seachad fiosrachadh ùr do luchd-siubhail cho luath 's a tha e againn."