Seirbheis aiseig air slighe a' Chorrain dheth

  • Air fhoillseachadh
Maid of GlencoulTùs an deilbh, Geograph/Doug Lee

Chaidh seirbheis aiseig air slighe a' Chorrain a chur dheth Dihaoine agus gun fhios ann cuine a thilleas i.

'S e an MV Maid of Glencoul a bha gus a bhith a' lìbhrigeadh na seirbheis.

Tha am bàta-aiseig sin faisg air 50 bliadhna dedh'aois, agus nas lugha na an MV Corran.

Bha Comhairle na Gàidhealtachd, a tha a' ruith na seirbheis, air rabhadh a thoirt do luchd-siubhail mar-thà a bhith mothachail gun robh bacaidhean cuideim an sàs.

Chaidh an MV Corran gu doc airson na seirbheis bliadhnail aice sa Gheamhradh agus cha do thill i fhathast.

Thuirt a' Chomhairle gun robh pàirt ùr a dhìth air an MV Corran agus nach robh iad air sin fhaighinn fhathast.

Dhearbh iad dhan BhBC nach robh ceann-là aca fhathast airson cuin a bhiodh an MV Corran air ais ann an seirbheis.