Sgrùdadh air àite nam ban ann am pìobaireachd
- Air fhoillseachadh
Tha sgrùdadh air tòiseachadh air àite nam ban ann am pìobaireachd is drumaireachd ann an Alba is Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd ag ràdh nach eil iad air an riochdachadh mar bu chòir.
'S iad an t-ionad a tha cùl suirbhidh ùire mun chùis ann an co-bhann le Conservatoire Rìoghail na h-Alba.
Thuirt iad gun robh e soilleir bho chionn fhada ann an coimhearsnachd na pìobaireachd is na drumaireachd gun robh cnapan-starra mu choinneamh bhoireannach a bha airson a dhol an sàs no leantainn leis a' cheòl, gu h-àraidh ann an roinnean nas fhollaisiche den choimhearsnachd.
Dh'innis iad gu bheil iad airson faighinn a-mach carson a tha sin.
Thèid aithisg a dhèanamh air a' cheann thall is Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd ag ràdh gun cleachd iad sin gus co-ionnanachd a bhrosnachadh agus cothroman a bharrachd a chruthachadh.
Tha iad ag iarraidh air boireannaich a tha air a bhith an sàs ann am pìobaireachd is drumaireachd ann an Alba aig ìre sam bith an suirbhidh a dhèanamh.
Beàrn mhòr
Thuirt iad gur e suirbhidh dhìomhair a tha seo is gur iad an sgioba rannsachaidh a-mhàin a chì na freagairtean.
Dh'innis Eilidh Urchadain bho Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd gur e obair chudromach a th' ann.
"Bha an-còmhnaidh boireannaich a bha gu mòr an sàs ann an coimhearsnachd na pìobaireachd is na drumaireachd. Nuair a tha sinn a' coimhead ris a' choimhearsnachd an-diugh ge-tà, tha e follaiseach gu bheil beàrn mhòr fhathast eadar na th' ann de bhoireannaich an taca ri fireannaich.
"Leis an rannsachadh seo tha sinn airson cluinntinn bho bhoireannaich a bha is a tha an sàs is tuigse fhaighinn air na cnapan-starra a tha mun coinneamh.
"Cleachdaidh sinn am fiosrachadh gus slighean ùra is taic a bharrachd a chruthachadh do bhoireannaich is mar sin barrachd bhoireannach is nigheanan a bhrosnachadh a dhol an sàs ann am pìobaireachd is drumaireachd," thuirt i.
Gheibhear an suirbhidh an seo, taobh a-muigh is bidh e fosgailte gu Dihaoine an 2mh den Ògmhios.