Murtair gus ath-thagradh a dhèanamh
- Air fhoillseachadh
Tha fear Sgitheanach a chaidh a dhìteadh air casaidean gun do mhuirt e bhràthair-cèile agus gun do dh'fheuch e ri a bhean is dithis eile a mhurt a' dol a dhèanamh ath-thagraidh an aghaidh an dìtidh.
Chaidh binn 28 bliadhna a chur air Fionnlagh Dòmhnallach aig deireadh na seachdain seo chaidh 'son John MacFhionghain a mhurt na dhachaigh anns an Teanga, ann an Slèite san Lùnastal a' bhòn-uiridh.
Bha e roimhe air a' bhean aige, Rowena, a shàthadh grunn tursan ga droch ghoirteachadh.
An dèidh dha Mgr MacFhionghain a mhurt, dhràibh e chun an Dòrnaidh air tìr-mòr, far an tug e ionnsaigh le gunna-froise air John Don MacCoinnich agus a bhean Fay, a' leòn Mhgr MhicCoinnich gu dona a chùm cunnart a bheatha.
Thuirt a' Bhana-Mhorair Dhruimeanach 's i a' toirt seachad na binn gun robh e ciontach air sreath de dh'ionnsaighean brùideil anns an robh fòirneart gun chiall.