Seusan turasachd soirbheachail ann an Steòrnabhagh

Tha seusan na turasachd air a bhith gu math soirbheachail an Steòrnabhagh am bliadhna a rèir luchd-ghnothachais a bhaile.

Tha faireachdainn ann ge-tà gu bheil barrachd ann as urrainnear a dhèanamh gus am baile a dhèanamh nas tarraingiche builleach.

Tha ceist air nochdadh cuideachd am bu chòir do dh' Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh bàta-slaodaidh fhaighinn son soithichean mòra luchd-turais, 's grunnan ann nach d' fhuair gu cala tailleabh na sìde.

Tha an aithris seo aig Ailig John Moireasdan.