Molladh suim a bharrachd a thoirt do luchd-obrach cùraim air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileannan
Tha barail air nochdadh gum bu chòir siostam "weighting" a stèidheachadh air Ghàidhealtachd, car coltach ris an sgeama a th'aca an Lunainn, feuch luchd-obrach a thàladh chun na sgìre son roinn a' chùraim.
Sin a rèir Àrd-oifigear Cùram na h-Alba, an Dr Dòmhnall MacAsgaill.
Bha e a' bruidhinn aig co-labhairt mun t-suidheachadh èiginneach a th'ann a thaobh cùram-soisealta air a' Ghàidhealtachd.
Tha an aithris seo aig Seonaidh MacCoinnich.