15% de thaighean ùra Sgitheanach o 2020 airson màl ghoirid

Tha 15% de na taighean ùra a chaidh a thogail 'san Eilean Sgitheanach anns a chòig bliadhna mu dheireadh gan cleachdadh mar àiteachan còmhnaidh air màl goirid.

Dh'fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd na figearan sin mar phàirt den rannsachadh aca air a phlana airson smachd air màil ghoirid.

Fhuair an rannsachadh cuideachd gu bheil a' mhòr chuid de thaighean 'san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse gan reic do dhaoine nach eil a' fuireach air a Ghàidhealtachd.

Tha an aithris seo aig Calum MacLeòid.