Taic dha na daoine a tha "a' strì" an Leòdhas

Chaidh maoin ùr fhosgladh le Treas Roinn Innse Gall agus iad a' tabhainn taic suas ri £300 do dhaoine le cosgaisean èiginn. Tha seo ann an com-pàirteachas le Comhairle nan Eilean Siar agus iad, le chèile, a' faicinn gu bheil tòrr dhaoine a' strì le cosgaisean bith-beò.

Seo Melanie NicAoidh, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig na buidhne, le barrachd fiosrachaidh.