Tiriodh fhathast as aonais bann-leathann

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air gealltanas fhaighinn bho OpenReach gu bheil iad a' toirt prìomhachais do Thiriodh, a th' air bhith trì seachdainean as aonais bann-leathann.

Chaidh am Prìomh Mhinistear, John Swinney, an sàs sa chùis an dèidh do dh'Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Thiriodh gearan a thogail mu cho slaodach sa bha an Riaghaltas a' toirt freagairt dhaibh.

'S i Rhoda Meek Ceannard a' Chonaltraidh aig an Urras.