Saothair coimhearsnachd an t-Òib

'S dòcha nach eil eiseimpleir nas fheàrr na sgioba an t-Òib sna Hearadh air cho cudromach 's a tha coimhearsnachd èasgaidh ann a bhith a' cumail sheirbheisean RNLI a' dol.

Chaidh an stèisean a stèidheachadh ann an 2012 an dèidh iomairt a rinn muinntir an àite airson bàta-teasairginn fhaighinn.

Ach cha bheag na dùbhlain a th' air a bhith aca bhon uairsin.

Chaidh Eilidh NicLeòid gu fear de na seiseanan trèanaidh a bhios aca a h-uile seachdain.