Teaghlaichean gun dachaigh

Tha cha mhòr dà mhìos ann an nise bhon a b'fheudar teaghlaichean ann an ceann a deas Ghlaschu na flataichean aca fhàgail às dèidh do thogalach tenement tuiteam rin taobh.

Tha'd air a bhi às aonais dachaighnean stèidhichte bhon uairsin, 's gun dad a dh'fhios aca cuin a gheibh iad cothrom tilleadh.

Mar a tha Eilidh NicIomhair ag aithris, tha comhairliche san sgìre a-nis air iomairt a chuir air dòigh airson airgead a thogail dhaibh.