Ìmpidh air BT bann-leathann Thiriodh a chàradh
Aig toiseach na seachdain rinn muinntir Thiriodh gearain gu poblach nach robh iad air dad a chluinntinn bho Riaghaltas na h-Alba agus an càbal fibre don eilean fhathast briste as dèidh Stoirm Amy.
A-nise, tha fios air tighinn gu bheil am Prìomh Mhinistear air sgrìobhadh gu BT agus Openreach ag iarraidh orra a chàradh anns an aithghearrachd.
Ach, is coltach gum feum beagan foighdinn a bhith aig muinntir Thiriodh fhathast.
Seo Andreas Wolff.