Cupa Valerie Fhriseil air ais am Bàideanach

'S dòcha gu bheil am pàrtaidh a' dol fhathast ann am Bàideanach às dèidh dhan sgioba Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain - is an dàrna sgioba cuideachd a' soirbheachadh.

'S e 2-0 a bh' ann do Bhàideanach an aghaidh Loch Abair aig an Eilean ann am Baile Ùr an t-Slèibh ann an Cupa Valerie Fhriseil.

Chaidh Bàideanach air thoiseach tràth le tadhal bho Megan Ralph.

Rinn iad an dearbh rud tràth san dàrna leth is Hope Borthwick leis an dàrna tadhal.

Ged a bha gu leòr den bhall is cothroman gu lèor aig na h-Abraich tron fheasgar, cha b'urrainn dhaibh dòigh fhaighinn air ais dhan gheama.

'S e dìoghaltas a bha seo do Bhàideanach is Loch Abar air a' chùis a dhèanamh orrasan 1-0 sa chuairt dheireannaich an-uiridh.

Tha geama mòr ri thighinn fhathast eadar an dà sgioba is play-off gu bhith ann 'son tiotal na lìge Didòmhnaich an 5mh den Dàmhair.

Nas tràithe air an là Disathairne bha an dàrna sgioba aig Bàideanach air an Cupa Dhùbhlan a thogail.

Rinn iadsan an gnothach 7-5 air Inbhir Nis.