Naidheachdan 11:00m
Gàsa
Tha Israel agus Hamas air tighinn gu aonta air a' chiad earrann de phlana fois-fhòirneirt airson Ghàsa. Chaidh an naidheachd fhoillseachadh leis a' Cheann-Suidhe Trump a-raoir às dèidh chòmhraidhean san Èipheit. Tha dùil gun deach aontachadh gum biodh fosadh sa chogadh ann an Gàsa agus gum faigheadh cobhair chun na sgìre, gun rachadh iadsan a tha am bruid aig Hamas agus prìosanaich Phailistinianach a shaoradh, 's gun tèid na feachdan Israelach a tharraing bho chuid de sgìrean.
Tha am Prìomhaire am measg na th' air fàilte a chur air a' ghluasad seo. Thuirt Sir Keir Starmer gur e faochadh mòr a th' ann a bhios ri fhaireachdainn air feadh an t-saoghail.
Horizon
Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air piseach fhoillseachadh a thaobh an sgeama dìolaidh dhaibhsan a dh'fhuiling air sàillibh an sgainneil a thaobh siostam IT Oifis a' Phuist. Sin mar fhreagairt air a' chiad aithisg bho rannsachadh poblach mun ghnothach. Chaidh còrr air 900 fo-mhaighstir-puist a chur fo chasaid gu ceàrr air sàillibh an t-siostaim coimpiutair Horizon. Tha ministearan ag ràdh gun cuir iad an sàs sgeama ùr airson a bhith a' dèanamh ath-thagraidhean agus gun tèid smaoineachadh a chur seachad airson comhairle laghail dhaibhsan a bhios airson an leithid a shireadh.
Bann-leathann an Tiriodh
Tha mòran de mhuinntir Thiriodh fhathast às aonais a' bhainn-leathainn cha mhòr seachdain às dèidh Stoirm Amy. Bha a' ghaoth air còrr air 90msu a ruighinn aig a h-àirde an sin, agus thuirt OpenReach gun deach milleadh mòr a dhèanamh air a' chàball eadar an t-eilean agus Tobar Mhoire. Tha iad a' cur luchd-einnseiniridh chun an eilein gus seirbheis eadar-amail a stèidheachadh.
Iasg mu sgaoil
Chaidh mu 75,000 iasg bho thuathanas-èisg mu sgaoil an uisgeachan Loch Linne às dèidh mar a chaidh lìon sracadh ann an Stoirm Amy. Thuirt a' chompanaidh Mowi gu bheil an cuid rannsachaidh a' sealltainn gun robh a' ghaoth làidir air toirt air acairean gluasad agus gur e sin as coireach airson na thachair. Tha tè de bhuill a' Phàrtaidh Uaine aig Holyrood a-niste ag ràdh gum bu chòir càintean airgid a chur air tuathasan-èisg nuair a thachras an leithid. Chaidh barail Riaghaltas na h-Alba a shireadh.
Teachdaireachdan mì-iomchaidh
Chaidh seann theachdaireachdan agus stuth a chaidh fhoillseachadh air na meadhanan-sòisealta le oifigearan poilis a tha a-niste aig àirde dreuchd a chur gu Poileas Alba. Tha am BBC air teachdaireachdan WhatsApp fhaicinn a chaidh a chur eadar fònaichean pearsanta a sheall dealbh de neach a chaidh a chur an greim ann an 2019 agus cainnt mì-iomchaidh cuide ris an dealbh. Thuirt Poileas Alba gum bi iad a' dèiligeadh gi mionaideach ri casaidean de sheòrsa ach thuirt iad nach rachadh aca air sgath a ràdh mu shuidheachaidhean mu oifigearan fa leth.