Naidheachdan 11:00m

An Ucràin

Tha an Ruis 's an Ucràin a' toirt ionnsaighean adhair air a chèile an dèidh dha faileachadh air a' Cheann-Suidhe Trump 's an Ceann-Suidhe Putin làn-fhois-fhòirneirt aontachadh. Thuirt Mgr Putin gun sguireadh an Ruis airson 30 là a' toirt ionnsaigh air bun-structar cumhachd anns an Ucràin, ach tha Kyiv ag ràdh gun tug an Ruis ionnsaigh an-raoir air ionadan cumhachd is air togalaichean sìobhalta.

Gàsa

Thug Israel tuilleadh ionnsaigh air Gàsa an-raoir an dèidh ionnsaighean adhair a' bhòn-raoir san deach, a rèir Hamas, còrr is 400 duine a mharbhadh. Thuirt am Prìomhaire Israelach, Benjamin Netanyahu, nach eil an seo ach toiseach sabaid às ùr.

Aiseag Loch Baghasdail

Bidh coinneamh èiginneach ann an Uibhist a Deas air an ath-mhìos a' deasbad na seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdail is tìr-mòr. Tha Buidheann Buaidh Ghnothachais Uibhist a Deas, a tha a' cur na coinneimh air dòigh, ag ràdh gu bheil feum, am measg eile, air bàta ùr, goireasan ùra aig cidhe Loch Baghasdail, agus taic-airgid mu choinneimh droch bhuaidh air an eaconomaidh. Bidh a' choinneamh aig Cnoc Soilleir an Dalabrog eadar 12:00f is 3:00f Dimàirt an 12na là den Ghiblean.

An Tuirc

Chuir na h-ùghdarrasan anns an Tuirc an grèim Mèar Istanbul, prìomh nàmhaid phoileataigeach a' Chinn-Suidhe Recep Tayip Erdogan. Chuir iad an grèim cuideachd na h-uimhir eile de luchd-poileataigs, luchd-naidheachd agus luchd-gnothaich.

Gearraidhean

Tha dragh air pàrantan sna h-Eileanan Siar gun toir gearraidhean comhairle droch bhuaidh air chloinn le feumalachdan sònraichte. Thuirt a' bhuidheann Òtasam nan Eilean Siar gur e tuilleadh taice a tha a dhìth seach gearraidhean. Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun cùm iad, a dh'aindeoin sàbhalaidhean, seirbheisean deatamach ris an fheadhainn as fheumaiche orra sin.

Santander

Dùinidh Santander 75 de na bancaichean aca san Rìoghachd Aonaichte, a' cur 750 cosnadh ann an cunnart. Nì Santander còmhradh ris na h-aonaidhean mus tachair sin.

Superdrug

Aig an dearbh àm dh'innis Superdrug gu bheil iad am beachd 25 stòr ùr fhosgladh, agus feadhainn ùrachadh. Tha dùil gun cruthaich sin mu 600 obair.