Naidheachdan 11:00m

Teas

Tha Oifis na Sìde ag ràdh gu bheil an teas a chaidh fhaireachdainn le mòran thar an deireadh-sheachdain a' dol a dh'fhàs nas àbhaistiche anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha aithisg ùr bhuapa ag ràdh gu bheil atharrachadh mòr air tighinn air a' ghnàth-shìde an taca ri mar a bha anns na deicheadan bhliadhnaichean a dh'fhalbh. Thuirt Rùnaire a' Chumhachd, Ed Miliband, gur e fìor dhroch rabhadh a bh' ann an toraidhean na h-aithisg.

An Ucràin

Tha Tosgaire nan Stàitean Aonaichte chun na h-Ucràin, Mke Kellogg, air Kyiv a ruighinn air thoiseach air naidheachd mhòir air an Ruis a rèir an Taighe Ghil, a thèid fhoillseachadh feasgar. Tha dùil gun toir an Ceann-Suidhe Trump an tuilleadh fiosrachaidh seachad às dèidh dha coinneachadh ri Àrd-Rùnaire NATO, Mark Rutte. Thuirt Mgr Trump a-raoir gun cuireadh na Stàitean Aonaichte an tuilleadh armachd dìon chun na h-Ucràin.

Gàsa

Tha Arm Israel air a ràdh gur e "mearachd theicnigeach" a bu choireach airson ionnsaidh adhair air làrach ann an Gàsa far am biodh uisge air a thogail. Chaidh deichnear a mharbhadh anns an ionnsaigh, sianar chloinne nam measg. Tha cuid air a ràdh gum faca iad dròna air a losgadh air sluagh de dhaoine a bha a' feitheamh aig campa fògarraich gus uisge a thogail.

Gregg Wallace

Tha aithisg air gabhail ri 45 gearan an aghaidh seann phreasantair Masterchef Gregg Wallace. Chaidh Mgr Wallace a chur às a dhreuchd aig a' BhBC mus deach toraidhean an rannsachaidh, a chaidh iarraidh le companaidh riochdachaidh a' phrògraim fhoillseachadh. Chaidh rannsachadh a dhèanamh air 83 gearan, agus dùil gur e a bhith a' cleachdadh cainnt mì-iomchaidh a bh' anns a' chuid as motha dhiubh. Thuirt am preasantair nach deach gabhail ris na casaidean a bu mhiosa na aghaidh.

Loch Obha

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist-rathaid mhairbhtich air an A85 air an deireadh-sheachdain. Chaidh càr dubh Skoda Octavia 's motar-baidhseagal Aprilia Tuono na chèile aig mu 10:30m an-dè faisg air Loch Obha. Chaidh innse gun do dh'eug fear a' mhotar-bhaidhseagail a bha 65, aig an làraich.

Teine

Tha ceithir sgiobannan smàlaidh fhathast an làthair aig teine aig bloc de fhlataichean ann an Dùn Dè. Chaidh fios a chur orra goirid ro 05:00m an-diugh mun teine aig Roslin Gardens. Bha còrr air 40 neach-smàlaidh a' dèiligeadh ris aig àirde agus cha deach duine a ghoirteachadh cho fad 's is fiosrach sinn.