Naidheachdan 11:00m

A' Phòlainn

Bha e bagarrach dhan Ruis drònaichean a chur grunn thursan do dh'iarmailt na Pòlainne an-raoir fhad 's a bha iad a' toirt ionnsaighean air an Ucràin, a rèir Riaghltas na Pòlainne. Leag plèanaichean NATO cuid de na drònaichean - a' chiad uair a chaidh an caidreachas an sàs anns an Ruis bho thòisich an cogadh. Tha eòlaichean ag ràdh gum bi aig NATO a-nise ri dhèanamh a-mach ciamar a fhreagras iad.

Epstein

Tha am Morair Mandleson ag ràdh gu bheil e air a nàireachadh aig teachdaireachd cola-breith a chuir e chun an eucoirich feise Jeffrey Epstein. Chaidh a sgrìobhadh ann an 2003, 's dh'fhoillsich comataidh de Chòmhdhail nan Stàitean Aonaichte e an-dè còmhla ri feadhainn bho iomadach duine eile. Bha am Morair Mandelson, a tha a-nise na thosgaire aig Breatainn ann an Aimeireaga air sgrìobhadh gur e Epstein "an caraid a b' fheàrr a bh' aige". Tha e fhèin ag ràdh gu bheil teansa gun nochd tuilleadh de na sgrìobh e do dh'Epstein.

Eljamel

Bidh ro-èisteachd ann an-diugh aig an rannsachadh phoblach mu lannsair Sam Eljamel a thathas an amharas a rinn cron air euslaintich an Ospadal Ninewells ann an Dùn Dè. Bha an Libianach os cionn niùro-lannsaireachd anns an ospadal gus an deach a chur às a dhreuchd rè ùine ann an 2013. Dh'fhàgadh cuid de na h-euslaintich le leòintean a thug buaidh air am beatha.

Taraifean Uisge-beatha

Tha am Prìomh Mhinistear John Swinney ag ràdh gun robh còmhradh feumail aige le Dòmhnall Trump anns an Taigh Gheal mu dheidhinn taraifean air uisge-beatha na h-Alba. Tha Mgr Swinney a' tagradh airson lùghdachadh air a' chìs 10% a tha Aimeireaga a' cur air uisge-beatha Albannach a-nise no cur às dhith buileach.

Rocaidean

Tha cunnart gun caill Alba cothroman nach tig tuilleadh an lùib rocaidean fànais a rèir comataidh pàrlamaid. Tha aithisg bho Chomataidh nan Cùisean Albannach ann an Taigh nan Cumantan ag ràdh gu bheil cruinn-eòlas na dùthcha a' ciallachadh gu bheil Alba air leth freagarrach airson a bhith a' cur shaidealan dha na speuran, ach gu bheil cunnart gu bheil sinn a' tuiteam air dheireadh. Thuirt Roinn Saidheans agus Teicneòlais an Riaghaltais gu bheil iad mar thà a' cur £96m ris a' ghnìomhachas.

Slèite

Nochd daoine ann an Slèite dòchas gum bi ge b' i cò a tha a' ceannach Oighreachd Chlann Dòmhnaill agus Caisteal Armadail deònach obrachadh leis a' choimhearsnachd. Chaidh a dhearbhadh an-dè gun deach gabhail ri tairgsean airson an oighreachd 's an caisteal a cheannach ged nach eil fhios fhathast cò a th' ann.