Athchuinge mu àrd-sgoil do Mhuile

Chaidh athchuinge a chur air dòigh ann an oidhirp toirt air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid smaoineachadh uair eile air far am bu chòir bun-sgoil agus àrd-sgoil ùr a thogail ann am Muile.

Cho-dhùin an t-ùghdarras ionadail an cur còmhla ann an ceann a deas Thobar Mhoire, ach fhuair sgrùdadh coimhearsnachd gun iarradh a' mhòr-chuid de dhaoine an àrd-sgoil a thogail ann am meadhan an eilein. Seo Andreas Wolff ...