Baile a' Chaolais a' buannachadh iomain a' Mhòid
Bhuannaich boireannaich Loch Abair Cupa LearnGaelic ach bha builean-peanais a dhìth orra airson làmh an uachdar fhaighinn air Cill Mhàlaidh agus 's e sgioba Bhaile a' Chaolais a choisinn geall-dubhlain na h-Aghaidh Mhòire. Rinn iad an gnothach 3-2 air Àrd nam Murchain gus an cupa a thogail.