Taic-airgid 'son leasachadh na Gàidhig an Tiriodh

Tha Urras Thiriodh air gealltanas fhaighinn gum faigh iad maoineachadh trì bliadhna bho Bhòrd na Gàidhlig gus oifrigear leasachaidh Gàidhlig làn-uine agus neach-taice pàirt ùine fhastadh.

Mar a tha Andreas Wolff ag aithris, tha iad gu mòr ag amas air pròiseactan a nì ceangal eadar daoine nas sine aig a bheil a' Ghàidhlig bho thùs agus daoine nas òige a tha ga h-ionnsachadh.