"Far am biodh Ciorstag, bhiodh gàireachdaich"

Tha An Comunn Gàidhealach air urram Caraid a' Mhòid a thoirt do Chrissie NicEachainn nach maireann mar chomharra air an obair a rinn i agus an spèis a bha aig daoine oirre.

Chuir Chrissie, no Ciorstag mar a bha aig mòran oirre, còrr is fichead bliadhna seachad a' stiùireadh Còisir Òg Loch Abair agus a' teagasg sheinneadairean airson farpaisean chloinne agus inbheach aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

'S e sàr-sheinneadair a bh' innte cuideachd is i air Bonn Òir an t-Seann Nòis a bhuannachadh nuair a bha am Mòd san Eilean Sgitheanach ann an 1982.